Air an 14mh agus 15 là dhen Dùbhlachd thàinig sinn uile còmhla aig taigh Sheumais a rithist. Mar as àbhaist, rinn sinn rudan làitheal tro mheadhan na Gàidhlig mar tha a’deasachadh bìdh, obair an taighe agus a’ dol dhan stòr.
Thug sinn seachad treis ag obair air cuspairean a bha gun a bhi dèante air a’ chlàr-ghnìomhachais againn. Mar eismplear, bhruidhinn sinn air an t-sìde agus àmannan sònraichte dhen là. Seo cuid dhe na h-abairtean agus faclan ùra a dh’ionnsaich sinn:
Àmannan dhen a' Là
● Àm éirigh na gréineadh
● An t-soillearachd
● Beul na h-oidhicheadh
● Àm cromadh na gréineadh
An t-sìde
● Là gailleanach
● Cuithe sneachda
● Cur `s cathadh
● Spìondagan sneachda
● Sligeanach
● Sneachda mòr, sneachda beag, sneachda beag,
sneachda mòr
● Cho caochlaideach ris a’ ghaoith
Bho`n a tha sinn a’ fas deiseal gus Bun is Barr a leudachadh amach, rinn sinn liosta dhe na rudan a ghabhas dèanadh còmhla ri fileantaich agus luchd ionnsachaidh eile gus cothromannan sóisealta a chuir air bhonn. Seo cuid dhen a bheachdan againne:
Diubhair do Chaidreibh
● Caidreabh òran
● Caidreabh cloinne
● Caidreabh seanchais
● Caidreabh ciùird
● Caidreabh creideimh
Thug sinn seachad treis ag obair air naidheachan agus dh’fheuch sinn uile naidheachd no dhà a ghabhail. Ghabh Sé naidheachd mu dheidhinn duine aig a robh casan salach agus ghabh mi fhìn té a chuala mi aig Oighrig NicFhraing.
1.27.2010
Subscribe to:
Post Comments (Atom)
No comments:
Post a Comment