Fàilte

Tha Bun is Bàrr `na phrógram foghlainneachd suidhichte air cainnt a leasachadh an dàrna cuid tro chnuasadh chuspairean a bhuineas do nòsan mar is dual do chaidreabh anns a’ choimhearsnachd agus gnìomhachas làitheil an cuideachd a chéile. `S ann a tha beairteas do stuthan `ga cleachdadh anns a’phrógram a nì feum gus saoghal nan Gàidheal ann an Albainn Nuaidh a thoirt am follais. `Na lùib sin, tha òrain, stòraidhean, naidheachdan éibhinn agus gnàthasan-cainnte.


`S e prógram bogaidh a th’ann air fad, agus togar fiosrachadh mu sheanachas Gàidhealtachd na h-Albann Nuaidh le bhi dol air chéilidh am measg thaighean far a bheil a’ Ghàidhlig `ga bruidhinn gu fileanta. Tha e `na phrìomh riaghailt aig a’ phrógram gu feum com-pàirtichean a’ còmhradh anns a’ Ghàidhlig gu léir fhads a bhios iad còmhla. Tha gnìomhachas làitheil a’ phrógraim `ga chur an aghaidh astaigh agus amuigh.
Feumaidh tàilleabhaich air an gabhail asteach dha ` n phrógram a bhi aig àrd ìre `nan comas air Gàidhlig a bhruidhinn. Tha e `na dhleasdanas dhaibh a shireadh chothramannan a bharrachd air Gàidhlig a chleachdadh am measg cuideachd fharsaing. A thuilleadh air sin, feumaidh toil a bhi aig na tàilleabhaich luchd-ionnsachaidh eile a chuideachadh le togail na Gàidhlig.

Chan eil Bun is Bàrr air a riochdachadh mar phrógram ionnsachaidh leacanta. Aréisd, tha buaidh a’ phrógraim an urra ri ùidh, tàlant agus saoghal fa leth nan tàilleabhach fhéin. `S e `s nuair a bhios tàilleabhaich agus luchd-oideachaidh a’ co-roinn amasan anns a’ chumantas a `s fheàrr a dh’obricheas Bun is Bàrr. Mar a théid Bun is Bàrr a leudachadh `na phrógram-oideachaidh, `s ann na `s mòth’ a bhios e ’cur ri coimhearsnachd a bhios beò tro mheadhan na Gàidhig.

10.27.2009

Seumas a’ gabhail seann naidheachd mun a' chritheann.


No comments:

Post a Comment