Fàilte

Tha Bun is Bàrr `na phrógram foghlainneachd suidhichte air cainnt a leasachadh an dàrna cuid tro chnuasadh chuspairean a bhuineas do nòsan mar is dual do chaidreabh anns a’ choimhearsnachd agus gnìomhachas làitheil an cuideachd a chéile. `S ann a tha beairteas do stuthan `ga cleachdadh anns a’phrógram a nì feum gus saoghal nan Gàidheal ann an Albainn Nuaidh a thoirt am follais. `Na lùib sin, tha òrain, stòraidhean, naidheachdan éibhinn agus gnàthasan-cainnte.


`S e prógram bogaidh a th’ann air fad, agus togar fiosrachadh mu sheanachas Gàidhealtachd na h-Albann Nuaidh le bhi dol air chéilidh am measg thaighean far a bheil a’ Ghàidhlig `ga bruidhinn gu fileanta. Tha e `na phrìomh riaghailt aig a’ phrógram gu feum com-pàirtichean a’ còmhradh anns a’ Ghàidhlig gu léir fhads a bhios iad còmhla. Tha gnìomhachas làitheil a’ phrógraim `ga chur an aghaidh astaigh agus amuigh.
Feumaidh tàilleabhaich air an gabhail asteach dha ` n phrógram a bhi aig àrd ìre `nan comas air Gàidhlig a bhruidhinn. Tha e `na dhleasdanas dhaibh a shireadh chothramannan a bharrachd air Gàidhlig a chleachdadh am measg cuideachd fharsaing. A thuilleadh air sin, feumaidh toil a bhi aig na tàilleabhaich luchd-ionnsachaidh eile a chuideachadh le togail na Gàidhlig.

Chan eil Bun is Bàrr air a riochdachadh mar phrógram ionnsachaidh leacanta. Aréisd, tha buaidh a’ phrógraim an urra ri ùidh, tàlant agus saoghal fa leth nan tàilleabhach fhéin. `S e `s nuair a bhios tàilleabhaich agus luchd-oideachaidh a’ co-roinn amasan anns a’ chumantas a `s fheàrr a dh’obricheas Bun is Bàrr. Mar a théid Bun is Bàrr a leudachadh `na phrógram-oideachaidh, `s ann na `s mòth’ a bhios e ’cur ri coimhearsnachd a bhios beò tro mheadhan na Gàidhig.

1.27.2010

Cruinneachadh aig Taigh Sheumais

Air an 14mh agus 15 là dhen Dùbhlachd thàinig sinn uile còmhla aig taigh Sheumais a rithist. Mar as àbhaist, rinn sinn rudan làitheal tro mheadhan na Gàidhlig mar tha a’deasachadh bìdh, obair an taighe agus a’ dol dhan stòr.

Thug sinn seachad treis ag obair air cuspairean a bha gun a bhi dèante air a’ chlàr-ghnìomhachais againn. Mar eismplear, bhruidhinn sinn air an t-sìde agus àmannan sònraichte dhen là. Seo cuid dhe na h-abairtean agus faclan ùra a dh’ionnsaich sinn:

Àmannan dhen a' Là

● Àm éirigh na gréineadh
● An t-soillearachd
● Beul na h-oidhicheadh
● Àm cromadh na gréineadh

An t-sìde

● Là gailleanach
● Cuithe sneachda
● Cur `s cathadh
● Spìondagan sneachda
● Sligeanach
● Sneachda mòr, sneachda beag, sneachda beag,
sneachda mòr
● Cho caochlaideach ris a’ ghaoith

Bho`n a tha sinn a’ fas deiseal gus Bun is Barr a leudachadh amach, rinn sinn liosta dhe na rudan a ghabhas dèanadh còmhla ri fileantaich agus luchd ionnsachaidh eile gus cothromannan sóisealta a chuir air bhonn. Seo cuid dhen a bheachdan againne:

Diubhair do Chaidreibh
● Caidreabh òran
● Caidreabh cloinne
● Caidreabh seanchais
● Caidreabh ciùird
● Caidreabh creideimh

Thug sinn seachad treis ag obair air naidheachan agus dh’fheuch sinn uile naidheachd no dhà a ghabhail. Ghabh Sé naidheachd mu dheidhinn duine aig a robh casan salach agus ghabh mi fhìn té a chuala mi aig Oighrig NicFhraing.

1.19.2010

Tar-sgrìobhadh a h-Aon

Fhads a bha sinn ag obair còmhla, chuir sinn sùil air Sruth nan Gaidheal gu tric. Fhuair sinn faidhleachan ann agus `s ann aig an taigh `s bha sinn ag obair orra. Rinn sinn amach gu robh iad gu math cuideachail dha `n ar cuid Gàidhlig. Dar a chuireamaid crìoch air na tar-sgrìobhaidhean, bhitheamaid a bruidhinn mu `n deoghainn. Thug sinn suim mhór asta. Seo agaibh fear dhiubh. Carson nach dean sibhse feuch air an aon obair? An ceann greis, cuiridh sinn suas na rinn sinne.

Tar-sgrìobhadh a h-aon:

Maighstir Iain agus am Baingeir ann an Ì Chaluim Chille
Singer/Storyteller: MacNeil, John Dan
Contributor: Shaw, John William, Collector;
MacDonald, Paul, Converted reel-to-reel tapes to digital.
Subject: Story - Humorous
Source: Cape Breton Gaelic Folklore Collection: Tape No: 193, Item On Tape: A 08
Publisher: St. Francis Xavier University
Place: Canada - Nova Scotia - Cape Breton County - Barra Glen, Sydney
Date Recorded: 1979-02-15
Copyright: Department of Canadian Heritage

© Cruinneachadh Beul-Aithris Gàidhlig Cheap Breatainn / Cape Breton Gaelic Folklore Collection

11.29.2009

Cothrom caidreibh

Thàinig sinn còmhla cruinn aig taigh Laura gus naidheachdan ‘s òrain a ghabhail.